Coimhearsnachd Ghàidhealach

(read English Translation)

Bidh seirbhisean Gàidhlig gan cùmail gach Dòmhnach aig 12:30f, an dèidh na seirbhis Bheurla, agus bidh fàilte romhaibh uile.

Tha aoradh Gàidhlig air a bhith a’ tachairt ann an Dùn Èideann bho chionn 1704. Aig an àm sin chaidh ullachadh a dhèanamh le Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba airson seirbheisean Gàidhlig a bhith air an cùmail airson na saighdearan Gàidhealach a bha stèidhichte aig Caisteal Dhùn Èideann.

Thar nam bliadnachan bhon uair sin, tha aoradh Gàidhlig air a bhith air a chuartachadh ann an caochladh coimheanalan air feadh a’ bhaile, gus a’ bhliadhna 1979, nuair a chaidh an coimheanal gu Eaglais Ghàidhealach an Tolbooth agus an Naomh Eòin, far an robh seirbheisean Gàidhlig Eaglais na h-Alba an uair sin gan cùmail, a-steach còmhla ris a’ choimheanal seo fon ainm Eaglais Ghàidhealach nam Manach Liath agus an Tolbooth.

Tha e inntinneach gu bheil an dà àite mu dheireadh anns an robh seirbhisean Gàidhlig aig Eaglais na h-Alba anns a’ bhaile roimh 1979 an-diugh nan àiteachan ainmeil ann am beatha a’ bhaile: ’s e Eaglais an Tolbooth an diugh an “Hub” agus ’s e an Eaglais Ghàidhealach ann an Sràid Chambridge (far an robh seirbheisean Gaidhlig air an cùmail bho 1948 gu 1956) an Taigh-cluiche “Traverse”.

Nuair a leig an t-Urr. Euan Mac’illeEathain, ministear Eaglais nam Manach Liath, a dhreuchd ann an 1982, thug an Seasan iarraidh air, a chùmail an seirbhis Ghàidhlig.

Tha an teagasg anns a’ choimheanal Ghàidhlig againn, mar a tha anns a’ choimheanal Bheurla, gu math eadar-eaglaiseach, le Clèirich (chan ann a-mhàin bho Eaglais na h-Alba ach bhon Eaglais Shaor agus bhon Eaglais Shaor Leantainneach) agus Càitligich a’ searmonachadh agus a’ gabhail pàirt san aoradh. Ach tha an t-seinn stèidhichte ann an nos tràidiseanta nan eaglaisean clèireach, le sailm gan seinn san t-seann-nos agus le cuir a-mach na loighne as aonais mòdh-ciùil sam bith eile. Bidh an coimheanal na shuidhe ann an Tranns Eòin, ri taobh uinneag ghlainne-dhaithteach Naomh Eòin a rinn D.Y. Camshron, agus amar-baistidh aosmhor.

Tha luchd-labhairt dùthchasaich agus luchd-ionnsachaidh a’ chànain anns a’ choimheanal. Mar as trice, thig daoine gun Ghàidhlig, uaireannan fiù ’s beagan Beurla, a’ blasad na spioradalachd agus fàilte. ’S ann à Canada, Sealainn Nuadh agus America a tha a’ mhòr-chuid den luchd-turais a’ tighinn, a’ lorg seòrsa de sheirbhis air an robh an sinnsearan eòlach mus deach am fuadach bho chionn dà cheud bliadhna.

Tha dà àm sònraichte ann an clàr-bliadhna a’ choimheanail Ghàidhlig: Seirbheis Ghàidhlig na h-Àrd Sheanaidh, nuair a tha Moderator na bliadhna a’ tadhal oirnn, agus An Òraid Ghàidhealach Bhliadhnail. Tha an Òraid Ghàidhealach air a bhith ann fad 25 bliadhna agus rè’n àm sin, thàinig mòran sgoilearan a bhruidhinn air iomadh cuspair, a’ togail fòram cudthromach airson cuspairean Gàidhealach. Bidh fàilte air duine sam bith don dà thachartas.

B’ e Roibeart Burns fhèin a thuirt “In Heaven itself I’ll ask no more, than just a Highland welcome.”

’S e sin an t-amas aig an t-seirbhis Ghàidhlig ann an Eaglais nam Manach Liath.